Sunnd Corporra
Chan eil Am Bìoball leabhar meadaigeach. Ach tha e làn chomhairle gar cuideachadh airson beatha slàn fhaighinn. Smaoinich mu ciamar as urrainn prionnsabalan a’ Bhìobaill gad chuideachadh le do shunnd corporra.
GABH CÙRAM AIR DO CHORP
PRIONNSABAL A’ BHÌOBAILL: “Oir cha do dh’fhuathaich duine riamh fheòil fhèin, ach beathaichidh e i ’s gabhaidh e cùram dhi.”—Ephèsianaich 5:29.
THA SEO A’ CIALLACHADH: Tha Am Bìoball gar brosnachadh gum bi sinn a’ coimhead as dèidh ar slàinte corporra. Tha aon aithris a’ sealltainn gu bheil ceangal ann eadar droch chleachdaidhean agus droch shlàinte. Mar sin, nuair a nì sinn taghaidhean matha, bidh ar slàinte a’ fàs nas fheàrr.
DÈ AS URRAINN DHUT A DHÈANAMH:
-
Beathachadh. Dèan cinnteach gu bheil thu ag ithe biadh fallain agus ag òl uisge gu leòr.
-
Dèan eacarsaich fiosaigeach. Faodaidh eacarsaich gad chuideachadh a dh’aindeoin aois agad. Fiù’s ma tha thu ciorramach, faodaidh eacarsaich gad chuideachadh. Ged a tha caraidean agus luchd-meadaigeach gad chuideachadh, feumaidh tu fhèin an obair a dhèanamh airson a bhith soirbheachail.
-
Faigh Cadal Gu Leòr. Nuair a tha sinn a’ dol fada gun chadal tha cunnart tinneis a’ fàs nas chumanta. Air sgàth ‘s an dòigh beatha aig mòran dhaoine, chan eil iad a’ faighinn cadail gu leòr. Ach nuair a’ taghadh thu cadal gu leòr bidh do bheatha nas fheàrr.
SEACHNAICH DROCH CHLEACHDAIDHEAN
PRIONNSABAL A’ BHÌOBAILL: “Glanamaid sinn fhèin o gach uile thruailleadh fèola is spioraid.”—2 Corintianaich 7:1.
THA SEO A’ CIALLACHADH: Bidh sinn nas fhallaine mura chleachdas sinn droch rudan mar tombaca a tha adhbhar mòr airson tinneis is bàs.
DÈ AS URRAINN DHUT A DHÈANAMH: Cuir sìos ceann latha far a bheil thu ag iarraidh a sguir. Dìreach ron latha sin, cuir air falbh rudan a tha ceangailte ri smocadh, mar siogaireatan, maidsichean no soithichean-luaithre. Seachnaich àiteachan far am bi daoine a’ smocadh. Innis an co-dhùnadh agad do charaidean taiceil.
PRIONNSABALAN EILE BHON A’ BHÌOBAILL
BI MOTHACHAIL AIR SÀBHAILTEACHD.
“Nuair a thogas tu taigh nodha, an sin togaidh tu bàrr-bhalla da mhullach, a-chum nach toir thu fuil air do thaigh, ma thuiteas duine sam bith o sin.”—DEUTERONOMI 22:8.
CUIR SMACHD AIR D’ FHEARG.
“An tì a tha mall a-chum feirge, tha e pailt ann an tuigse; ach esan a tha dian na spiorad, àrdaichidh e amaideachd.”—GNÀTH-FHACAL 14:29.
NA BI AG ITHE CUS.
“Na bi . . . am measg luchd co-ithidh geòcach feòla.”—GNÀTH-FHACAL 23:20.