Beatha Teaghlaich agus Càirdeas
Airson moran dhaoine tha e doirbh a thogail dàimh le caraidean agus teaghlach. Faodaidh prionnsabalan bhon Bhìobaill gad chuideachadh le do bheatha sòisealta.
BI NEO-FHÈINEIL
PRIONNSABAL A’ BHÌOBAILL: “Na sealladh gach neach air na rudan a bhuineas dha fhèin, ach cuideachd air na rudan a bhuineas do dhaoine eile.”—Philipianaich 2:4.
THA SEO A’ CIALLACHADH: Bidh ar dàimhean nas soirbheachaile nuair a bheir sinn rudan seachad agus chan eil sinn dìreach a’ gabhail bho fheadhainn eile. Ma tha thu fèineil faodaidh seo cron a’ dhèanamh air do dhàimhean le feadhainn eile. Mar eisimpleir, ma tha cuideigin fèineil ‘s dòcha gum bi iad neo-dhìleas don cèile-pòsta aca. Cuideachd, chan eil duine airson a bhith na charaid le cuideigin a tha an-còmhnaidh a’ bòstadh mu na rudan a th’ aca no a tha iad eòlach air. Uime sin, tha an leabhar The Road to Character ag ràdh, “tha fhèinealas a’ leantainn air adhart gu rudan sgriosail.”
DÈ AS URRAINN DHUT A DHÈANAMH:
-
Cuidich feadhainn eile. Tha deagh charaidean earbsail agus cuideachail. Tha fianais bho rannsachadh a’ sealltainn gu bheil daoine cuideachail a’ fulang nas lugha bho faireachdainn ìsle agus tha iad a’ faireachdainn nas fheàrr na iad fhèin.
-
Seall co-fhaireachdainn. Tha fìor co-fhaireachdainn nuair a tha sinn a’ faireachdainn am pian aig cuideigin eile nar cridhe. Ma tha co-fhaireachdainn agad, cha cleachd thu faclan cruaidh no fealla-dhà airson na faireachdainn aig cuideigin eile a ghoirteachadh.
Nuair a tha co-fhaireachdainn agad, bidh thu nas ceadaichte. Mar sin is urrainn co-fhaireachdainn a chur stad oirbh a’ bhith neo-choibhneil agus gar gluasad a togail càirdeas le iad bho iomadh cultar agus àite.
-
Cuir seachad ùine airson feadhainn eile. Nuair a tha thu a chuir seachad ùine airson feadhainn eile bidh thu a’ fàs nas eòlach air. Bruidhinn ri iad mu rudan brìoghail agus mar sin bith thu
a fàs ann an càirdeas. Bi nad èistear math. Seall ùidh anns na trioblaidean aig do charaidean. Tha rannsachadh air a sealltainn gu bheil iad a tha bruidhinn mu rudeigin brìoghail nas toilichte.
BI GLIC NUAIR A THA THU A’ TAGHADH CARAIDEAN
PRIONNSABAL A’ BHÌOBAILL: “Truaillidh droch chuideachd deagh bheusan.”—1 Corintianaich 15:33.
THA SEO A’ CIALLACHADH: Faodaidh na daoine a tha sinn a’ cur seachad ùine leis a’ dèanamh buaidh mòr oirnn airson math no airson dona. Bidh luchd sòiseo-eòlais ag aontachadh gun urrainn ar caraidean a’ dèanamh buaidh mhòr air gach pàirt de ar beatha. Mar eisimpleir, ma tha sinn a’ cur seachad ùine le iad a tha smocadh no sgaradh-pòsaidh, gu tric bi sinn a’ dèanamh an aon rud cuideachd.
DÈ AS URRAINN DHUT A DHÈANAMH: Tog càirdeas le iad aig a bheil buadhan agus luachan math. Mar eisimpleir dèan càirdeas le iad a tha suimeal, fialach agus olach.
PRIONNSABALAN EILE BHON A’ BHÌOBAILL
DIÙLT FACLAN CRUAIDH.
“Tha dream ann a labhras mar lotan claidheimh.”—GNÀTH-FHACAL 12:18.
BI TABHAIRTEACH.
“Nìthear an t-anam fial sultmhor.”—GNÀTH-FHACAL 11:25.
DÈAN DHAIBHSAN MAR A THA THUSA AG IARRAIDH.
“A h-uile rud a bu toigh leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh-se dhaibhsan cuideachd.”—MATA 7:12.