LEASAN 15
Carson am bu Chòir Dhut a dol air Adhart?
1. Ciamar am buanaich thusa bhon a’ Bhìoball?
Tha an sealladh seo air na teagaisgean bunaiteach a’ Bhìoball, air a dhèanamh an gràdh agad airson Iehòbha nas làidire, gun teagamh. Tha feum againn a bhith àiteachadh an gràdh seo daonnan. (1 Peadar 2:2) Tha an dòchas agad ann am beatha mhaireannach a’ crochadh air an taghadh a dol air adhart le do sgrùdadh agus a fàs faisg ri Dia.—Leugh Eòin 17:3; Iùdas 21.
Nuair a thig thu air adhart leis an eòlas Dhè, bidh an creideas agad a’ fàs nas làidire. Bidh do chreideas gad chuideachadh Dia a’ thoileachadh. (Eabhraidhich 11:1, 6) Gluaisidh e thu a dhèanamh aithreachas agus atharrachaidhean a tha math dhut san dòigh-beatha agad.—Leugh Gnìomhan 3:19, 20.
2. Ciamar am buanaich daoine eile bhon eòlas Dhè?
Nuair a tha thu a’ sgrùdadh a’ Bhìoball, gu nàdarra bidh thu ag iarraidh a bruidhinn ri feadhainn eile mu dheidhinn. Nuair a tha thu a’ dol air adhart leis, ionnsaich thu ciamar a chleachdas thu a’ Bhìoball airson ag innse càch mun do chreideas anns an deagh-naidheachd agus ann an Iehòbha.—Leugh Ròmanaich 10:13-15.
Bidh a’ mhòr chuid de dhaoine a’ tòiseachadh an deagh-naidheachd a sgaoileadh le caraidean no càirdean. Gabh air do shocair, na cuir iad troimh chèile. An àite ag innse dhaibh gu bheil an creideas aca ceàrr, innis dhaibh mu na geallaidhean aig Dia. Cuimhnich gu bheil e nas fhèarr a bhith coibhneil le gnìomhan na le d’fhaclan.—Leugh 2 Timòteus 2:24, 25.
3. Dè seòrsa càirdeas dh’fhaodadh tu fhaighinn le Dia?
Bidh sgrùdadh a’ Bhìobaill gad chuideachadh a’ fàs le spioradalachd. Mu dheireadh thall, fhaodaidh tu faighinn càirdeas glè shònraichte le Iehòbha, agus a bhith na phàirt den teaghlach aig Dia gu dearbh.—Leugh 2 Corintianaich 6:18.
4. Ciamar a leanas thu air adhart?
Is urrainn dhut dol air adhart gu spioradail le leantainn do sgrùdadh a’ Bhìobaill. (Eabhraidhich 5:13, 14) Iarr air aon de Fianaisean Iehòbha sgrùdadh còmhla riut leis an leabhar What Can the Bible Teach Us? Mar as motha a ionnsaichidh tu bho Am Facal Dhè, is ann as motha gum bi thu soirbheachail san beatha agad.—Leugh Salm 1:1-3; 73:27, 28.
Tha deagh-naidheachd a’ tighinn bho Iehòbha, an Dia toilichte. Is urrainn dhut teann dlùth ri Dia nuair a dh’fhàsas thu dlùth ri na daoine aige. (Eabhraidhich 10:24, 25) Leis a leantainn an oidhirp agad a dhèanamh Iehòbha toilichte, tha thu a’ gabhail greim air am fìor bheatha—beatha mhaireannach. A bhith fàs dlùth ri Iehòbha, ’s e an rud as fheàrr is urrainn dhut dhèanamh gu fìrinneach.—Leugh 1 Timòteus 1:11; 6:19.