LEASAN 4
Cò Tha Ìosa Crìost?
1. Ciamar a thòisich beatha Ìosa?
Neo-choltach ris a h-uile duine eile, dh’fhuirich Ìosa anns na nèamhan na h-aingeal aig an toiseach, an uair sin bha e air bhreith air an talamh. (Eòin 8:23) Bha e a’ chiad chruthachadh aig Dia, agus chuidich e le chruthachadh a h-uile càil eile.Tha esan an t-aon fear air chruthachadh dìreach le Iehòbha. Air sgath sin, tha e air ainmicheadh an “Aonghin” Mhic. (Eòin 1:14) Air sgath gu bheil Ìosa an Neach-labhairt aig Dia, tha e air ainmicheadh “Am Facal.”—Leugh Gnàth-fhacail 8:22, 23, 30; Colosianaich 1:15, 16.
2. Carson a thàinig Ìosa dhan talamh?
Ghluais Dia beatha a Mhac gu bhith am broinn òighe Iùdhach, am maighdinn Moire, a bha air an talamh. Air sgath seo cha robh athair mac an duine aig Ìosa. (Lùcas 1:30-35) Thàinig Ìosa dhan talmhainn (1) airson teagaisg an fhìrinn mu Dhia, (2) airson a shealladh eisimpleir ciamar an dèan sinn am miann Dhè nuair a tha am beatha againn duilich, agus (3) airson am beatha foirfe aige a thoirt mar èirig.—Leugh Mata 20:28.
3. Carson a tha feum againn air èirig?
Tha èirig pris a tha air phàigheadh airson saorsa duine bho bàsachadh. (Ecsodus 21:29, 30) Cha robh bàs agus seann aois pàirt den miann Dhè aig an toiseach. Ciamar a tha fìos againn air seo? Thuirt Dia ri Adhamh, a chiad duine, ma nì e na rudan a tha Am Bìoball air ainmichear “peacadh,” bhàsaicheas e. Mura pheacadh Adhamh, cha bhiodh e idir a bhàsachadh. (Genesis 2:16, 17; 5:5) A rèir Am Bìoball, thàinig bàs a-steach dhan t-saoghal mac an duine troimh Adhamh. Air sgath seo, thug Adhamh dhan sliochd aige am peanas, bàs. Tha feum againn air èirig airson saorsa againn fhìn bhon peanas bàis a fhuair sinn bho Adhamh.—Leugh Ròmanaich 5:12; 6:23.
Cò ’s urrain a phàigheadh an èirig gum biodh sinn saor bho bàs? Nuair a bhàsaicheas sinn, bidh sinn a phàigheadh a’ pheanas airson na peacaidhean againn fhìn. Cha b’urrain do dhuine neo-foirfe phàigheadh airson peacaidhean aig feadhainn eile.—Leugh Salm 49:7-9.
4. Carson a Bhàsaich Ìosa?
Ged nach eil sinne foirfe, bha Ìosa, gun teagamh. Air sgàth sin cha robh feum aige bàsachadh airson nam peacaidhean aige, oir cha do rinn e càil a bha peacach. An àite sin, bhàsaich Ìosa airson nam peacaidhean aig feadhainn eile. Sheall Dia gràdh luachmhor dha mac an duine nuair a thug e a mhac gum bhàsaich e dhuinne. Sheall Ìosa gràdh dhuinn nuair a bha e umhail ris an athair agus am beatha a thoirt airson nam peacaidhean againn.—Leugh Eòin 3:16; Ròmanaich 5:18, 19.
Seall air a’ bhideo Carson a bhàsaich Ìosa?
5. Dè tha Ìosa a’ dèanamh an-dràsta?
Nuair a bha Ìosa air an talamh, shlànaich Ìosa daoine a bha tinn, thog e na marbh le aiseirigh agus chuidich e an fheadhainn a bha na fulang. Le seo sheall e dè bha e a’ dol a dhèanamh san àm ri teachd airson mac an duine a tha umhail. (Mata 15:30, 31; Eòin 5:28) As dèidh bàis Ìosa, dh’eirich Dia e gu beatha na pearsa spioraid anns na nèamhan. (1 Peadar 3:18) An uair sin dh’fhuirich Ìosa aig an deas-làimh Dhè gus an t-àm a thug Iehòbha dha cumhachd mar Rìgh airson riaghladh os cionn an t-saoghail. (Eabhraidhich 10:12, 13) A-nis tha Ìosa a’ riaghladh mar Rìgh anns na nèamhan, agus tha an luchd-leantainn aige a’ searmonachadh na deagh-naidheachd seo air feadh an t-saoghail.—Leugh Daniel 7:13, 14; Mata 24:14.
A dh’aithgheàrr, bidh Ìosa a’ cleachdadh a chumhachd rìoghail airson a chur ceart a h-uile fulaing agus an fheadhainn a tha ga dhèanamh. Gheibh na daoine le creideas agus a tha umhail ri Ìosa beatha dòigheil ann am pàrras air an talamh.—Leugh Salm 37:9-11.