LEASAN 14
Carson a tha Buidheann aig Dia air an talamh?
1. Carson a chuir Dia na h-Eabhraidhich ann an òrdugh?
Dh’òrdaich Dia an sliochd a phrìomh-athair Abrahàm na nàisean le còmhlan laghan. Thug e dha an t-ainm “Israel” agus rinn e iad an sliochd-glèidhidh de adhradh fìor agus Am Facal sa. (Salm 147:19, 20) Mar sin, gheibh a h-uile nàisean beannachdan bho Israel.—Leugh Genesis 22:18.
Thagh Dia na h-Eabhraidhich na fianais aige. Dearbh an seann-eachdraidh ciamar a gheibh daoine beannachdan nuair a th’ad umhail ris na laghan aig Dia. (Deuteronomi 4:6) Leis a sin, troimhe na h-Eabhraidhich, faodaidh daoine eile a fàs dlùth ris an t-aon Dia fìor.—Leugh Isaiah 43:10, 12.
2. Carson a tha fìor Chrìostaidhean ann an òrdugh?
Le ùine, chaill na h-Eabhraidhich an gràs Dhè, chuir e an co-thional Chrìostail na h-àite. (Mata 21:43; 23:37, 38) A nis, tha fìor Chrìostaidhean a’ dèanamh adhradh dha agus ’s e Fianaisean Iehòbha a th’ annta.—Leugh Gnìomharan 15:14, 17.
Chuir Ìosa an luchd-leantainn ann an òrdugh airson searmonachadh sa h-uile nàisean. (Mata 10:7, 11; 24:14; 28:19, 20) Tha an obair seo a tighinn gu crìoch a-nis, s’na làithean deireannach seo. Airson a chiad turas ann an eachdraidh, tha Iehòbha air aonachadh milleanan de dhaoine as a h-uile nàisean san adhradh fìor. (Taisbeanadh 7:9, 10) Tha fior Chrìostaidhean na òrdugh airson a toirt misneachd dha chèile. Tha iad a faighinn an aon phrògram stiùiridh aig gach choinneamh air feadh an t-saoghal.—Leugh Eabhraidhich 10:24, 25.
3. Ciamar a thòisich Fianaisean Iehòbha an latha an diugh?
Anns na 1870’n thòisich buidheann beag de dh’oileanach Am Bìobaill ath-sgrùdadh agus lorg iad firinnean a’ Bhìoball a bha air chall airson ùine fhada. Bha fìos aca gun do chuir Ìosa air dòigh an co-thionail Crìostail airson searmonachadh, agus thòisich iad co-chuairt searmonachadh eadar-nàiseanta den Rìoghachd Dhè. Ann an 1931 thug iad an t-ainm Fianaisean Iehòbha.—Leugh Gnìomharan 1:8; 2:1, 4; 5:42.
4. Ciamar a tha Fianaisean Iehòbha eagraichte?
’S a chiad linn, fhuair co-thionalean Crìostail beannachdan bho bòrd stiùiridh meadhanach a bha ag aithneachadh Ìosa na Ceannard an co-thionail. (Gnìomharan 16:4, 5) San aon dhòigh an-diugh, air feadh an t-saoghal gheibh Fianaisean Iehòbha beannachdan leis am Bòrd-Stiùiridh de èildearan gnàth-èolas. Tha am Bòrd seo a choimhead as dèidh eadar-theangachadh, printadh, is sgaoileadh stuth-sgrùdaidh ann an còrr is 800 cànain bhon prìomh-oifisean Fianaisean Iehòbha. Mar sin, tha am bòrd-stiùiridh a thoirt misneachd sgriobtaireil is stiùireadh airson barrachd na 110,000 co-thionailean air feadh an t-saoghail. Ann gach co-thional, bidh fìr comasach a frithealadh mar èildearan agus fìr-choimhid. Tha cùram gràdhach aca airson an treud aig Dia.—Leugh 1 Peadar 5:2, 3.
Tha Fianaisean Iehòbha eagraichte airson searmonachaidh an deagh-naidheachd airson deisciobail a dhèanamh. Mar na h-abstolan, bidh sinn a’ searmonachadh bho thaigh gu taigh. (Gnìomharan 20:20) Bidh sinn a’ tairgseadh sgrùdadh a’ Bhìoball le daoine onarach is gràdhach airson an fhìrinn. Ach chan eil Fianaisean Iehòbha dìreach buidheann creididh. ’S e teaghlach a th’ annainn le Athar gràdhach. Tha sinn bràithrean is peathraichean aig a bheil cùram dha chèile. (2 Tesalonianaich 1:3) Air sgath’s gu bheil luchd Iehòbha eagraichte airson a dhèanamh Dia toilichte agus cuideachadh daoine eile, tha iad dèanamh suas an teaghlach as toilichte air an talamh.—Leugh Salm 33:12; Gnìomharan 20:35.