A Bheil Ainm Aig Dia?
Freagairt a’ Bhìobaill
Tha ainm pearsanta againn uile. Air an adhbhar sin, nach biodh e reusanach airson ainm a’ bhith aig Dia? Tha ainmean pàirt chudromach de chàirdeas. Am bu chòir càirdeas le Dia dha a bhith eadar-dhealaichte?
Anns a’ Bhìoball, tha Dia ag ràdh: “Is mise Iehòbha, is e sin m’ ainm.” (Isaiah 42:8) Ged a tha iomadh tiotalan aig Dia mar “Dia Uile-chumhachdach,” “A Thighearna,” agus “Cruthaidhear,” tha e a’ cur urram air a luchd-adhraidh le bhith a’ toirt cuireadh dhaibh an t-ainm pearsanta a th’ aige a chleachdadh.—Genesis 17:1; Gnìomhan 4:24; 1 Peadar 4:19.
Tha an t-ainm Dhè a’ nochdadh ann an iomadh eadar-theangachadh den Bhìoball aig Ecsodus 6:3. Tha e ag ràdh: “Agus dh’fhoillsich mi mi fhèin do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, le ainm an Dè Uile-chumhachdaich, ach lem ainm Iehòbhah cha robh mi aithnichte dhaibh.”
Tha an t-ainm Iehòbha air a bhith cleachdadh anns a’ Ghàidhlig airson iomadh linn. Bha a’ chiad phàirt den Bhìoball air sgrìobhadh anns a’ chànan Eabhrais. Leugh thu Eabhrais bho ceart gu clì agus ann an Eabhrais tha an t-ainm Dhè sgrìobhte le ceithir litrichean, יהוה. Tha na ceithir caractaran Eabhraise sin—IHBH—a tha aithnichte mar an Tetragrammaton.