Ìosa ar Slànaighear—Ciamar?
Freagairt a’ Bhìobaill
Shàbhail Ìosa mac an duine dìleas nuair a thug e seachad a bheatha mar èirig. (Mata 20:28) Mar sin, tha Ìosa air ainmeachadh “Shlànaighear den t-Saoghal.” (1 Eòin 4:14) Cuideachd, tha e ag ràdh: “Chan eil slàinte ann an neach sam bith eile; oir chan eil ainm sam bith eile fo nèamh air a thoirt am measg dhaoine leis am feum sinn a bhith air ar sàbhaladh.”—Gnìomhan 4:12.
‘Blaiseadh [Ìosa] bàs airson a h-uile duine’ a chuireas creideamh ann. (Eabhraich 2:9; Eòin 3:16) Às dèidh sin, “thog Dia o na mairbh” e agus thill Ìosa don nèimh mar spioraid. (Gnìomhan 3:15) Ann an nèimh, is urrainn Ìosa “a shàbhaladh gu h-iomlan, oir tha e beò gu sìorraidh airson guidhe air an son.”—Eabhraich 7:25.
Carson a tha feum ann airson Ìosa eadar-ghuidhe a dhèanamh air ar son?
Tha sinn uile nar peacaich. (Ròmanaich 3:23) Tha peacadh a’ cur bacadh eadar sinne agus Dia, agus a’ leantainn gu bàs. (Ròmanaich 6:23) Ach bidh Ìosa a’ frithealadh mar “fear-tagraidh” airson iad a tha a’ cur creideamh ann an ìobairt aige. (1 Eòin 2:1) Bidh e a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son, ag iarraidh air Dia ar n-ùrnaighean a chluinntinn agus maitheanas a thoirt seachad airson peacaidhean stèidhichte air ìobairt Ìosa. (Mata 1:21; Ròmanaich 8:34) Bidh Dia a’ freagairt na h-iarrtasan Ìosa oir tha iad a rèir a’ mhiann Aige. Chuir Dia Ìosa dhan talamh “gus am biodh an saoghal air a shaoradh troimhesan.”—Eòin 3:17.
A bheil creideamh ann an Ìosa gu leòr airson slàinte fhaighinn?
Chan eil. Ged a tha feum oirnn creideamh ann an Ìosa airson slàinte fhaighinn, tha barrachd a dhìth oirnn. (Gnìomhan 16:30, 31) Tha Am Bìoball ag ràdh: “dìreach mar a tha an corp marbh gun spioraid, mar sin cuideachd tha creideamh marbh gun obraichean.” (Sheumais 2:26) Airson a bhith air ar slànachadh, feumaidh sinn:
Ag ionnsachadh mu Ìosa agus Athair Iehòbha.—Eòin 17:3.
A’ togail creideamh annta.—Eòin 12:44; 14:1.
A’ sealltainn ar creideamh le bhith umhail do na h-òrdughan aca. (Lùcas 6:46; 1 Eòin 2:17) Theagaisg Ìosa nach bi a h-uile neach a chanas “a Thighearna” a bhith air a shlànachadh ach dìreach “an neach a nì toil m’ Athar-sa a th’ air nèamh.”—Mata 7:21.
A’ cumail oirnn ar creideamh a shealltainn a dh’aindeoin duilgheadasan. Ann an dòigh gu math soilleir thuirt Ìosa: “bidh an neach a leanas air chun na crìche air a shàbhaladh.”—Mata 24:13.